Seallaidh an dealbh seo na cùisean tiomnaichte a tha fo smachd Pàrlamaid na h-Alba.
| Dealbh | Cùis Thiomnaichte |
|---|---|
| Flataichean os cionn bhùithtean | Taigheadas |
| Sanas ‘Togalach reicte’ | Cìs Tar-chur Fearainn is Thogalaichean (LBTT) |
| Togalach Comhairle | Riaghaltas Ionadail |
| Cùirt an t-Siorraim | Ceartas (Tha siostam ceartais fa leth daonnan air a bhith aig Alba.) |
| Leabharlann | Cultur agus gnìomhachasan cruthachail |
| Post-lampa le saighead Ionad-bhòtaidh | Taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas Ionadail, (a’ gabhail a-steach riaghaladh cosgaisean iomairtean agus air caiteachais air taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba) |
| Taigh-cluiche | Cultar agus gnìomhachasan cruthachail |
| Ionad-fiosrachaidh Turasachd | Turasachd |
| Lèigheadaireachd | Slàinte agus seirbheisean sòisealta |
| Ionad-obrach | Prògraman cosnaidh agus Shòchairean; a’ gabhail a-steach smachd air cuid de shochairean. Chan eil seo a’ gabhail a-steach Creideis Coitcheann ach a-mhàin gu bheil cumhachd aig a’ Phàrlamaid an dòigh phàighidh aig eileamaid taigheadais Creideis Coitcheann atharrachadh. |
| Oifis Ionadail BPA | Taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba-Thèid BPA a thaghadh gus muinntir na h-Alba a riochdachadh agus co-dhùnaidhean air cùisean tiomnaichte a dhèanamh dhaibh. |
| Aitreabh falamh le sanas ‘gnìomhachas ùr a’ tighinn’ | Leasachadh eaconomach |
| Sanas-rathaid crìoch astair 20mph | Còmhdhail, a’ toirt a-steach sanasan-rathaid, crìochan astair agus dreuchdan Poileas Còmhdhalach Bhreatainn |
| Càr | Còmhdhail, a’ toirt a-steach crìochan-dighe dràibhidh |
| Càr-phoilis | Poileas |
| Carbad-smàlaidh | Seirbheisean Smàlaidh |
| Bus | Còmhdhail (ach a’ mhòr-chuid cumhachd thairis air itealanachd, loingeas, lagh trafaig rathaidean, ceadachadh HGV agus ceadachadh carbaid agus obrachaidh draibhear bhusaichean) |
| Rothaiche | Còmhdhail |
| Slighe rothairean | Còmhdhail |
| Goc Uisge na h-Alba | Uisge na h-Alba |
| Sgoil | Foghlam agus trèanadh |
| Raointean Cluiche | Spòrs |
| Taigh-altraim | Slàinte agus seirbheisean sòisealta |
| Àrainn Thaighean | Taigheadas |
| Dùthaich | Àrainneachd agus planadh |
| Coille | Àiteachas, coilltearachd agus iasgach |
| Croinn gaoithe | Èifeachdas Cumhachd agus sgeamaichean Bochdainn Connaidh |
| Caisteal | Cultar agus gnìomhachasan cruthachail |
| Ospadal | Slàinte agus seirbheisean sòisealta |
| Ionad ath-chuairteachaidh | Seasmhachd agus stiùireadh sgudail, a` gabhail a-steach Cìs Lìonadh-talmhainn |
| Itealan | Cìs Luchd-siubhail Adhair agus Cìs nan Agragaidean |
| Tè sia bliadhna deug le a cairt-bhòtaidh | Faodaidh neach sam bith 16 no nas sine agus a’ còmhnaidh ann an Alba bhòtadh ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba. |
| Beathaichean tuathanais | Àiteachas, coilltearachd agus iasgach |
| Obraiche | Cumhachdan cìse-cosnaidh a’ toirt a-steach luachan agus bannan a dhèanamh air teach-a-steach coisinnte. |